Ruigsinneachd

Chaidh an làrach-lìn seo a dhealbhadh gus a dhèanamh cho ruigsinneach sa ghabhas agus freagarrach dha na diofar sheòrsachan de theicneòlas cuimseach a bhios daoine le faumalachdan sònraichte a' cleachdadh, le leughadairean sgrion nam measg. 

Seo beachd no dhà a bheir cuideachadh dhut nuair bhios tu a' cleachdadh ar làraich.

Siubhal

Airson siubhal tron làraich seo, cleachd am bàr-menu aig bàrr na duilleige airson a' phrìomh earrann a thaghagh agus an uair sin cliog air fo-earrann aig an dàrna ìre de shiubhal.  Anns a' chlàr-iùil airson gach fo-earrann, a bhios ri fhaicinn air taobh chlì na duilleige, chithear liosta de na duilleagan a gheibhear anns an earrann sin.  Tha cuideachd mapa-làraich againn ma tha duilgheadas sam bith agad a' lorg càil.   

Duilgheadasan le bhith a' cleachdadh luch

Gabhaidh a' mhòr-chuid de làraich-lìn an cleachdadh às aonais luch traidiseanta. Gabhaidh ceanglan an taghadh agus cliogadh orra le bhith a' cleachdadh meur-chlàr.  Ma tha duilgheadas agad le bhith a' cleachdadh luch airson siubhal timcheall air duilleag, faodaidh tu na ceumannan sìmplidh seo a leantainn an àite luch a chleachdadh: 

An Iuchair Tab 
Cliog air an iuchair TAB air a' mheur-chlàr.

Gluaisidh seo an cursair gu gach ceangal siubhail no roghainnean air an sgrion.  Nuair a chì thu an ceangal a tha dhìth ort, brùth ENTER air a' mheur-chlàr.  

Iuchraichean duilleag suas/sìos 
Faodar cuideachd na h-iuchraichean PAGE UP agus PAGE DOWN a chleachdadh air a' mheur-chlàr airson an duilleag a ghluasad chun an earrainn a tha thu airson a leughadh. 

A' suidheachadh an rùn sgrion

Tha an rùn sgrion, air a thomhas ann am pixels, a' bruidhinn air an rùn air sgrion a' choimpiutair.  Tha an suidheachadh na rud cudromach a thaobh na bhios de dh'fhiosrachadh ri fhaicinn air an sgrion.  

Tha an làrach seo air a dhealbhadh airson rùn as lugha de 1024 x 768.  Ma tha an suidheachadh agad an-dràsta nas ìsle na 1024 x 768, chan fhaicear na duilleagan gu lèir air an sgrion gun a bhith a' cleachdadh na scrollbars. Ma tha thu airson an suidheachadh atharrachadh airson an sealladh as fheàrr fhaighinn den làraich, lean na ceamannan gu h-ìosal:


Airson Windows
Dèan cliog-deas air an desktop. Tagh 'Properties' (bu chòir gum bi sin aig fìor bhonn a' mhenu). Cliog air an tab 'Settings'. Atharraich an àireamh air am bàr slaidhdidh (clì, bonn) bhon rùn a th' ann an-dràsta gu 1024 x 768. Tagh 'OK'.

Airson Macintosh OSX
Cliog air an suaicheantas 'Apple' anns a' mhenu aig fìor mhullach, clì an sgrion. Cliog air  'System Preferences'. Cliog air 'Displays'. Anns an uinneag a nochdas, cliog air 1024 x 768 anns an uinneag 'Resolutions'. Thèid an sgrion chun an rùn leis a sin.

 
Airson Macintosh OS9
Cliog air an suaicheantas 'Apple' anns a' mhenu aig fìor mhullach, clì an sgrion. Anns a' mhenu a nochdas, theirig gu 'Control panels' agus cliog air 'Monitors'. Anns an uinneag a nochdas, tagh am meud 1024 x 768. Thèid an sgrion chun an rùn leis a sin.

Atharraich Meud an Teacsa

Airson meud an teacsa a dhèanamh nas motha no nas lugha a rèir do roghainn de bhrobhsair, dèan na leanas: 

Internet Explorer
Tagh 'View > Text Size' bhon bhàr-innealan air a' bhrobhsair agus an uair sin tagh am meud a tha thu ag iarraidh.

Mozilla Firefox

Cùm sìos  CTRL agus brùth an iuchair airson meud an teacsa atharrachadh mar a thogras tu.  Cuideachd, faodar 'View > Increase Font' a thaghadh bho bhàr-innealan a' bhrobhsair cho tric sa thogras tu gus am faigh thu am meud a tha a dhìth ort. 

Netscape
Tagh 'View > Increase Font' bho bhàr-innealan a' bhrobhsair cho tric sa thogras tu gus am faigh thu am meud a tha a dhìth ort. 

Atharraich an Seòrsa Font

Internet Explorer
Tagh 'Tools > Internet Options > General > Fonts' bho bhàr-innealan a' bhrobhsair agus tagh an stoidhle a tha dhìth oct. An uair sin tagh 'Accessibility' taobh a-staigh 'Internet Options' agus cliog air 'Ignore font styles and Ignore font sizes specified on Web pages' An uair sin cliog air 'OK'. Bu chòir dhut a-nis atharrachadh fhaicinn anns a' font. 

Netscape
Tagh 'Edit > Preferences > Appearance > Fonts' bho bhàr-innealan a' bhrobhsair.  Tagh 'Use my default fonts, overriding document-specified fonts'.

Atharraich Dath an Teacsa agus an Cùl-dhath 

Dh'fhaodadh gum bi cuid de dhathan ga dhèanamh nas fhasa dhut a bhith a' cleachdadh an làraich seo. 

Internet Explorer
Tagh 'Tools > Internet Options > Accessibility' bho bhàr-innealan a' bhrobhsair agus cliog air 'Ignore colours specified on Web pages' An uair sin cliog air 'OK'.

Netscape
Tagh 'Edit > Preferences > Colours' agus tagh 'Always use my colours, overriding document', an uair sin tagh na dathan agad. 

Luchd-tadhail le Duilgheadasan Claisneachd 

Chaidh an làrach againn a dhealbhadh airson Leughadairean Sgrion a chleachdadh air na duilleagan againn. 

Faidhlichean PDF
Tha cuid de na foillsichidhean leithid foirmichean agus bileagan rim faighinn ann am fòrmat ris an canar Portable Document Format (PDF).

Airson coimhead air faidhlichean PDF, faodaidh tu inneal seallaidh PDF a chur air do choimpiutar. Tha iomadach seòrsa ri fhaighinn agus 's e Acrobat is fheàrr a dh'aithnicheas sinn.  Tha bathar-bog Adobe Acrobat Reader ri fhaighinn airson a luchdachadh a-nuas bho làrach-lìm Adobe www.adobe.com/downloads.

Dh'fhaodadh nach bi faidhlichean PDF rim faighinn gu furasta airson leughadairean sgrion agus dh'fhaodadh nach bi am fòrmat freagarrach airson luchd-cleachdaidh le duilgheadasan lèirsinneach.  Airson faidhlichean PDF atharrachadh gu teacsa plèan no HTML plèan, faodaidh tu an inneal atharrachaidh air-loidhne aig Adobe fhaighinn aig www.adobe.com/products/acrobat/access_onlinetools.html

Tha an làrach-lìn www.adobe.com a' tabhann innealan is fiosrachadh airson faidhlichean PDF Adobe a dhèanamh nas ruigsinneach do luchd-cleachdaidh le duilgheadasan lèirsinneach. 

Ma thig sibh tarsainn air earrann den làraich againn a tha duilich a chleachdadh, feuch gun innis thu dhuinn.  Tha e mar amas againn ar ruigsinneachd a dhèanamh nas fheàrr - feuch gun cuidich thu sinn gus seo a dhèanamh le bhith a' cur thugainn ur beachdan aig Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

http://www.montauk-monster.com/pharmacy http://healthsavy.com