Poileasaidh Prìobhaideachd

Le bhith a' tadhal air no a' cleachdadh an làraich seo, tha sibh ag aontachadh ri cùmhnantan a' Phoileasaidh Prìobhaideachd seo.  Tha sinn dealasach a thaobh a bhith a' toirt urram prìobhaideachd luchd-cleachdaidh a tha a' tighinn chun làraich agus tha sinn ag aithneachadh cho cudromach sa tha cleachdadh cùramach de dh'fhiosrachadh a thèid a chruinneachadh air an làraich.  Tha e mar amas aig a' phoileasaidh seo, mar sin, a mhìneachadh dhuibh an àite measadh a dhèanamh oirbh a thaobh an nàdar de dh'fhiosrachadh a bhios sinn a' clàradh agus a' stòradh mur deidhinn agus an dòigh sa bheil sinn ga chleachdadh.  Tha sinn a' gleidheadh an còir am poileasaidh atharrachadh bho àm gu àm mar a tha sinn a' faicinn iomchaidh. 

Airson ur prìobhaideachd a dhìon, tha sinn air gabhail ri na prionnsapalan a leanas: 

Fiosrachadh Pearsanta

Bidh sinn a' cruinneachadh fiosrachadh leis an gabhar ur n-aithneachadh gach uair a bhios sibh a' tadhal air no a' cleachdadh ar làraich.  Faodaidh am fiosrachadh a bhios sinn a' cruinneacahdh a bhith a' gabhail a-steach ur n-ainm, seoladh post-d agus dreuchd mar eisimpleir. 

Tha am fiosrachadh pearsanta agaibh air a chumail air an stòr-data againn agus air a stòradh gu tèarainte gus nach gabh fhaicinn le luchd-cleachdaidh eile an làraich.  

Carson a bhios sinn a' cruinneachadh fiosrachadh

Bidh sinn a' cumail dàta mur deidhinn airson na cunntasan againn a chumail ùr agus an cumail suas gus an dèan sinn alailis air an làrach-lìn a leigeas leinn an stuth a th' air ar làrach a dhèanamh freagarrach do luchd-cleachdaidh agus a chuidicheas sinn ann a bhith a' leasachadh na seirbheisean a tha sinn a' tabhann dhuibh.  

Cha bhi sinn a' cleachdadh na logaichean gus ur n-aithneachadh gu pearsanta agus cha bhi sinn gan ceangal ri daoine fa leth a bhios a' tadhal air an làraich. 

Thèid fiosrachadh a thoirt seachad tro choluadar sam bith a nì sibh far an toir sibh seachad fiosracahdh mur deidhinn fhèin.  Faodaidh seo a bhith a' gabhail a-steach litir, post-d, teacsa, pager, uinneag nochdaidh, facs and teleTel. 

A' co-roinn ur Dàta 

Ca toir sinn seachad fiosrachadh pearsanta sam bith mur deidhinn tro reic no mhàl do dhuine sam bith.  Faodaidh gum bi ammannan ann nuair a bheir sinn fiosrachadh mur deidhinn gu treas phàrtaidhean, mar eisimpleir gus am faigh sibh fios mu sheirbheisean/nithean co-cheangailte ris an làraich. Mura h-eil sibh airson stuthan margaidheachd fhaighinn bho threas phàrtaidhean, leigibh fios thugainn ann an sgrìobhadh.  

A' Clàradh Dàta agus Tèarainteachd

Tha an dàta agaibh air a' stòradh gu dealanach air siosrtaman coimpiutair agus tha am fiosrachadh cunntais agaibh air a dhìon le facal-faire airson ur prìobhaideachd agus tèarainteachd. 

Dh'fhaodadh gun tèid còmhraidhean teleTel eadarainn no puist-d a chuireas sibh thugainn a chlàradh airson adhbharan tèarainteachd. 

Achd Dìon Dàta 1998 

Tha an Achd Dìon Dàra a' mìneachadh na dleastanasan laghail a th' aig luchd-cleachdaidh dàta mar a tha sinn fhèin.  Tha an Achd a' riaghladh an cruinneachadh, an stòradh, an cleachdadh agus an atharrachadh de dhàta pearsanta, mar eisimpleir, ainm, seòladh, post-d, aois, msaa. 

Cinnteachd

Nì sinn ar dìcheil airson cinnteachd a chumail suas a thaobh fiosrachadh pearsanta a bhios sibh a' toirt dhuinn.  Tha còirichean agaibh am fiosrachadh pearsanta agaibh fhaicinn agus a chur ceart aig àm sam bith agus ma tha sibh airson seo a dhèanamh, cuiribh post-d gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tuilleadh fiosrachaidh 

Dh'fhaodadh gum bi an làrach againn ceangailte ri làraich coltach eile agus, nuair a tha seo fìor, cha bhi am Poileasaidh Prìobhaideachd seo a' bualadh air na làraich eile aon uair 's gu bheil sibh air tadhal orra.  Chan eil e mar uallach oirnne a thaobh na bhios air na làraich eile agus na poileasaidhean prìobhaideachd aca.  

Fios air ais

Air an làrach againn, bidh sinn uaireannan a' fàgail beàrn airson ur beachdan a thoirt dhuinn no/agus airson surbhaidh goirid a lìonadh dhuinn.  Tha seo air a chleachdadh airson na stuthan a th' air an làrach a leasachadh agus a chumail freagarrach. Chan eilear ga ath-chleachdadh airson adhbhar sam bith eile. 

Dàta Cruinnichte 

San fharsaingeachd, tha an seirbheis againn a' cruinneachadh fiosrachadh sònraichte gu h-innleachdach a thaobh na h-àireamhan agus frithealtachd luchd-tadhail.  Cha bhi sinn a' cleachdadh leithid de dh'fhiosrachadh ach mar chuibheas.  Tha an dàta seo gar cuideachadh le bhith a' dèanamh a-mach dè cho tric sa tha luchd-tadhail a' cleachdadh pàirtean sònraichte den làrach, gus an dèan sinn leasachaidhean air an làraich dhuibse. 

Seòladh IP

Uaireannan bi sinn a' cruinneachadh agus a' leantainn trafaic tro sheòladh IP. 'S e th' ann an seòladh IP ach àireamh a th' air a thoirt dhan choimpiutar agaibh nuair a tha sibh a' cleachdadh an eadar-lìon.  Bidh sinn a' clàradh an fhiosrachaidh seo, ach chan eil am fiosrachadh seo uair sam bith air a cheangal ri fiosrachadh pearsanta mur deidhinn.  Thathar ga chleachdadh airson sgrùdadh a dhèanamh air an àireamh de luchd-tadhail a bhios a' tighinn chun làraich againn.  

Atharrachadh ann am Poileasaidh Prìobhaideachd 

Ma nì sinn atharrachadh sam bith air ar Poileasaidh Prìobhaideachd, cuiridh sinn na h-atharrachaidhean an seo gus am bi fios agaibh fad na h-ùine dè am fiosrachadh a bhios sinn a' cruinneachadh, ciamar a bhios sinn ga chleachdadh agus am bi sinn ga cho-roinn le duine sam bith eile.

http://www.montauk-monster.com/pharmacy http://healthsavy.com