Mur Deidhinn

Tha Taigh-tasgaidh nan Gàidheal na dhachaigh do na cruinneachaidhean eachdraidheil aig na rèiseamaidean ainmeil Gàidhealach - na Sìophartaich, na Camshronaich agus na Lovat Scouts.  An seo, tha an cruinneachadh as motha de stuthan cogail taobh a-muigh Lunnainn agus tha cruinneachadh farsaing ann de ghnothaichean, a' gabhail a-steach buinn-cuimhne, tasglainn is dealbhan pearsanta, stuthan airgid, innealan cogaidh agus dealbhadaireachd.   

Bho chionn ghoirid, chaidh fiach £3 millean a chosg ag ath-leasachadh an taigh-tasgaidh agus tha seo air an taigh-tasgaidh atharrachadh gu mòr gus a thoirt gu sàr ìre mar ionad airson foghlam agus cur-seachad.  Tha a' phròiseact air goireasan fìor mhath a thoirt dhan taigh-tasgaidh, a' gabhail a-steach àite sònraichte airson gnothaichean foghlaim le scrìonaichean mòra agus àiteachan obrach. 

Tha an Taigh-tasgaidh freagarrach do theaghlaichean agus tha prògram inntinneach againn de thachartasan agus thaisbeanaidhean.  Cùm sùil air a' phrìomh làraich againn airson barrachd fiosrachaidh.  

Highlanders' Museum Fort George

http://www.montauk-monster.com/pharmacy http://healthsavy.com