Ionnsachadh

Tha Taigh-tasgaidh nan Gàidheal a’ cur meas mòr air na comasan ionnsachaidh a tha iad a’ tabhann. Tha an taigh-tasgaidh na dhachaigh do na Cruinneachaidhean Rèiseamaid aig Gàidheil Shìophoirt agus Gàidheil Chamshroin. Tha e mar dhleastanas òirnn na h-innleachdasan, sgrìobhainn agus dealbhan, a chaidh a thoirt dhuinn gu coibhneil le diofar dhaoine, na sgeulachdan aca sin agus sgeulachd na Rèiseamaid innse dhan mhòr-shluagh.

Ionnsachadh Foirmeil

Ann an compàirteachas le Alba Aosmhor (ris a bheil Gearastan Dheòrsa an urra), bidh sinn a’ cur air dòigh gnìomhan do bhuidhnean sgoile a thig a thadhal air an Taigh-tasgaidh. Tha clasaichean fad 90 mionaid air an tabhann agus faodaidh suas ri 33 sgoilear tadhail air a’ Ghearastan aig aon àm, gus coinneachadh ris an neach-mìneachaidh eachdraidheil (ris an canar ‘Dressing-up Mike’) agus airson stuthan bhon chruinneachadh a làimhseachadh. Tha na bùithtean-obrach a’ dèiligeadh ri Na Seumasaich agus Na Saighdearan Dearga, A’ Chiad Chogadh agus An Dàrna Cogadh.

Dealbhan le Alba Aosmhor.

Tha cuideachd bùth-obrach tasglainn againn a tha ag amas air sgoilearan aig ceann shuas na h-àrd-sgoile. Bidh a’ bhùth-obrach tasglainn a’ toirt ainm chuideigin a fhritheal sa Rèiseamaid dha-rìreabh do dhithis oileanach. Bidh aca an uair sin ri faighinn a-mach cò bh’ anns an duine sin agus dè rinn e, le bhith a’ cleachdadh buin tasglainn a th’ againn an seo san taigh-tasgaidh. Bidh cothrom aig oileanaich rudan fhaicinn san taisbeanadh a bhuineadh dhan ‘ainm’ a bha iad a’ rannsachadh.

Ionnsachadh Neo-fhoirmeil

Tha cothroman ionnsachaidh neo-fhoirmeil ag amas air gach neach a thig a thadhal air an Taigh-tasgaidh. Tha sinn air slighean-coise a chur air dòigh a tha freagarrach do theaghlaichean agus tha gnìomhan ann do chloinn is inbhich fhad ’s a ghluaiseas iad timcheall air na galaraidhean. Tha na slighean agus na gnìomhan a’ tabhann dùbhlan spòrsail agus aig an aon àm a’ brosnachadh chloinne is inbhich gu bhith a’ coimhead gu dlùth ri na gnothaichean a th’ anns an taisbeanadh.

Co-labhairt air Eachdraidh Armailteach na h-Alba

Thèid co-labhairt a chumail aig Gearastan Dheòrsa san Dàmhair 2013 mar thoradh air obair cho-obrachail eadar an Ionad Eachdraidh aig OGE agus Taigh-tasgaidh nan Gàidheal. ’S e cuspair na co-labhairt Cinn Atharrachaidh san Dàrna Cogadh agus thèid coimhead air cùisean leithid Dol-air-tìr Normandy. ’S e an t-Àrd-Oll. Hew Strachan a’ phrìomh òraidiche a bhios ann.

http://www.montauk-monster.com/pharmacy http://healthsavy.com