Ceistean Cumanta

Ciamar a chuireas mi air dòigh seisean do bhuidheann sgoile?
'S e an dòigh as fhèarr an turas a chur air dòigh tro Sheirbheasan Ionnsachaidh Alba Aosmhor air 0131 652 8155. Le bhith ga chur air dòigh tro Alba aosmhor, gheibh a' bhuidheann, a' gabhail a-steach luchd-teagaisg, a-steach gu Gearastan Dheòrsa an-asgaidh cho math ri subsadaidh siubhail. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a' cur turas air dòigh tro Alba Aosmhor, lean an ceangal seo.

Tha na bùithtean-obrach againn air An Dàrna Cogadh air an ruith ann an co-bhonn le Alba Aosmhor. 

Tha na bùithtean-obrach air A' Chiad Chogadh air an ruith gu neo-eisimeileach agus, mar sin, cuiribh fios air an taigh-tasgaidh fhèin airson a' bhùth-obrach sin a chur air dòigh.  Bheiribh an aire, ge-tà, gum feum sibh fhathast ur turas gu Gearastan Dheòrsa a chur air dòigh tro Alba Aosmhor airson faighinn a-steach an-asgaidh agus airson subsadaidh siubhail fhaighinn. 

Bu toil leam buidheann a thoirt chun taigh-tasgaidh ach chan eil mi airson tadhal air a' chòr den Ghearastan.  Am feum mi fhathast a chur air dòigh tro Alba Aosmhor? 
Feumaidh.  Tha aig daoine fa leth agus aig buidhnean a tha a' tighinn chun Ghearastan tighinn tro na dorsan aig Alba Aosmhor, ge brith dè an adhbhar a th' aca airson tadhal. 

Bu toil leam buidheann a thoirt gu Gearastan Dheòrsa ach chan e buidheann sgoile a th' ann.  Am faigh mi fhathast a-steach an-asgaidh? 
Tha e a rèir dè an seòrsa buidheann a th' ann.  Airson a bhith airidh, feumaidh amasan a tha a' buntainn ri foghlam a bhith aig a' bhuidhinn, agus gnìomhan foghlaim aca air a chur air dòigh mar phàirt dhen turas.  Airson tuilleadh fiosrachaidh, lean an ceangal seo.

A bheil againn ri pàigheadh airson gnìomhan anns na bùithtean-obrach? 
Tha, tha sinn ag iarraidh £2 gach neach airson ar cosgaisean a choinneachadh. 

Bu toil leam buidheann sgoile a thoirt chun taigh-tasgaidh airson gnìomhan bùithtean-obrach, ach chan eil gin de na cuspairean a thathar a' mìneachadh air an làraich seo a' freagairt air na cuspairean a tha sinn a' dèanamh san sgoil.  A bheil e comasach obrachadh còmhla ri luchd-obrach an taigh-tasgaidh airson bùithtean-obrach a fhreagras òirnn a chur air dòigh? 
Tha, ma tha sibh a' coimhead air cuspair sònraichte, agus ma tha e am measg an fheadhainn air am faodadh an taigh-tasgaidh obrachadh, tha sinn deònach bùth-obrach a dhealbhadh a fhreagradh oirbh.  Airson bruidhinn air ur beachdan ann am barrachd doimhneachd, bruidhinn ris an oifigear foghlaim,  Lynsey Easton air 01667 460 466.

A bheil cuingealachadh ann a thaobh meud buidhne? 
Tha e comasach do bhuidhnean mòra tahdal air a' Ghearastan ach tha sinn a' moladh gum bu chòir a chumail aig 33 aig a' char as motha airson gach turas chun taigh-tasgaidh.  Tha e comasach dhuinn da bhuidheann a dhèanamh de 66, le aon leth an sàs ann an gnìomhan bùithtean-obrach agus an leth eile a' tadhal air a' Ghearastan, agus an uair sin ag atharrachadh letheach slighe.  

http://www.montauk-monster.com/pharmacy http://healthsavy.com