Stuthan Ionnsachaidh

Bho thasglann Taigh-tasgaidh nan Gàidheal


A’ Chiad Chogadh

A’ Chiad Chogadh B’ e cogadh eadar-nàiseanta a bh’ anns a’ Chiad Chogadh, no an Cogadh Mòr, a thachair eadar 1914 agus 1918 agus bha e a’ gabhail a-steach a’ mhòr-chuid de dhùthchannan na Roinn Eòrpa cho math ris an Ruis, na Stàitean Aonaichte, an Ear Mheadhanach, agus sgìrean eile. Bha an cogadh eadar na Prìomh Chumhachdan – gu sònraichte a’ Ghearmailt, an Ostair-Ungair, agus an Tuirc – agus an Caidreabhachas – gu sònraichte an Fhraing, Breatainn, an Ruis, an Eadailt, Iapan agus, bho 1917, na Stàitean Aonaichte.

An Dàrna Cogadh

An Dàrna Cogadh B’ e cogadh a bhuail air cha mhòr a h-uile pàirt dhen t-saoghal a bh’ anns an Dàrna Cogadh, eadar na bliadhnachan 1939 agus 1945. Bha an cogadh eadar na Cumhachdan Axis – a’ Ghearmailt, an Eadailt agus Iapan – agus an Caidreabhachas – an Fhraing, Breatainn, na Stàitean Aonaichte, an Aonadh Sòbhieit agus, gu ìre bheag, Sìona.
  • Tha eachdraidh ann airson fèin-eòlas daonna… an aon bhoillsgeadh a thaobh dè ’s urrainn dhan duine a dhèanamh agus dè tha e air a dhèanamh mar-thà. ’S e luach eachdraidh, mar sin, gu bheil e a’ teagasg dhuinn na tha a’ chinne-daonna air a dhèanamh agus, leis a sin, dè th’ anns a’ chinne-daonna.

    R. G. Collingwood

  • Cha toir eachdraidh dhuinn prògram airson an àm-ri-teachd, ach bheir e dhuinn tuigse nas fhèarr òirnn fhèinn, agus an daonnachd, gus an tèid againn air a dhol air àdhart ullaichte airson na tha romhainn.

    Robert Penn Warren

  • Ann an eachdraidh, tha tom mòr air fhoillseachadh airson ar stiùireadh, a’ cleachdadh mearachdan is laigsean a’ chinne-daonna bhon latha an-dè gus gliocas a thoirt dhuinn airson a-màireach.

    Edmund Burke

http://www.montauk-monster.com/pharmacy http://healthsavy.com